Tha ceithir dhe na pàipearan a tha air an taisbeanadh gu h-ìseal 'nam pàipearan-naidheachd a chaidh 'fhoillseachadh ann a' Suidnidh, Ceap Breatainn, tràth 's an 20mh linn. Chaidh an dealbhadh mar chùis-thogail do luchd-labhairt agus do luchd-leughaidh na Gàidhlig ann an ceann an ear na h-Albann Nuaidhe; gu tric aig an àm cha robh eadar na daoine sin agus na tùsairean Gàidhealach ach a dhà no trì ghinealaich.
Ann a' tagradh a chaidh a chur gu Prìomhaire S.E. Moireach ann a' 1920, chaidh fianais a thogail air mar a bha 28.8 duine ás a' cheud dhen t-sluagh air an teachd a-nuas o Albannaich agus gu robh a' Ghàidhlig fhathast air a gléidheadh aig a' mhór-chuid dhiùbh, agus gu robh iad ceangailte gu mór ris an dualchas a tha follaiseach anns a' litreachas aca.
Tha sinn toilichte na ceithir pàipearan-naidheachd seo a chur m' ur coinneimh, ann a' co-chuideachd le Institiùd Pheutain, Oilthigh Cheap Breatainn, agus Iomairtean na Gàidhlig, Miar do Roinn nan Coimhearsnachdan, a' Chultair agus an Dualchais, Alba Nuadh.
Bha An Solus Iùil 'na phàipear-naidheachd anns a' Ghàidhlig, le earrainn anns a' Bheurla a bhuineadh do dh'fhiosrachadh eaglaise, a chaidh fhoillseachadh a-mach á Suidnidh, Ceap Breatainn. B' e cridhe a' phàipeir anns a' mhór-chuid naidheachd air na Cléirich, a- toirt a-staigh oidhirpean a thaobh mhisein, mhinistearan air an ainmeachadh gu eaglaisean, agus choinneamhan eaglaise; corra-uair bhiodh banais air a cur an céill cuideachd.
Issues from 1925 to 1927
B' anns an iris Fear na Céilidh pàipear a chaidh 'fhoillseachadh gach mìos a-mach á Suidnidh, Ceap Breatainn. Bha na duilleagan ceangailte ri chéile, nas coltaiche ri iris na pàipear-naidheachd àbhaisteach; chaidh sanasachd a chur air dà thaobh a' chòmhdaich, a' mhór-chuid anns a' Bheurla, le dealbhan. Bha an iris fhéin gu léir anns a' Ghàidhlig, ann an oidhirp a' chànain bhrèagha sin a ghléidheadh agus a thoirt gu ìre buannachd. Gheall am fear-deasachaidh taghadh de stuth-leughaidh inntinneach, air a dheagh dheasachadh, air a sgrìobhadh gu cùramach 's air a' chlò-bhualadh gu snasail. Bha an iris air a tairgsinn air prìs aon dolair airson 12 àireamh gach bliadhna — prìs glé bheag a phàigheadh gus a' chànain a ghléidheadh 's a chur air adhart.
Issues from 1928 to 1930
Bha pàipear-naidheachd na Gàidhlig seo air 'fhoillseachadh le Comann Albannach nan Caitligeach ann a' Suidnidh, Ceap Breatainn. Nochd e gach mìos, ged a tha beàrn de chóig bliadhna (1923-28) ás déidh na ciad àireamh iomadaidh mas do thòisich clò-bhualadh air ás ùr. Ann an coimeas leis na pàipearan Gàidhlig eile, b' anns a' Bheurla a bha a' mhór-chuid de Mhosgladh, le eadartheangachadh dhan Ghàidhlig air ùrnaighean, le òrain Ghàidhlig, agus le corra-sgeulachd anns a' Ghàidhlig. Buinidh a' mhór-chuid dhen naidheachd dhan Eaglais Chaitligich.
Issues from 1922, 1923 and 1928 to 1933
Bha am pàipear-naidheachd seo air 'fhoillseachadh gach mìos ann a' Suidnidh, Ceap Breatainn, leis a' mhór-chuid a bha 'na broinn anns a' Ghàidhlig. B' e prìomh-chùis a' phàipeir bàrdachd agus sgeulachdan Gàidhlig a chur an clò; agus anns gach àireamh, a' toirt fianais air cho dìcheallach 's a bha na clò-bhualadairean air a' Ghàidhlig a ghléidheadh, leasan air a' Ghàidhlig, mar is tric a' gabhail a-steach fhaclan bunaiteach is puingean gràmair. B' e a' chiad phuing a bh' anns a' chiad leasan nach eil ach ochd litrichean deug ann an aibidil na Gàidhlig, agus ás déidh sin chaidh mìneachadh a dhèanamh air ciamar a bu chòir am fuaimneachadh.
Issues from 1924 to 1929 and 1932 to 1934
Nova Scotia Archives — https://archives.novascotia.ca/newspapers/gaelic/
Crown copyright © 2024, Province of Nova Scotia.