Nova Scotia Archives

Gaelic Resources | Goireasan Gàidhlig

Na Gàidheil ann an Canada

Air sàilleabh inimriche shaor-thoilich agus fhuadaichean le làmhachas làidir á Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Albann, a’ tòiseachadh ’s na 1770an agus a’ mairsinn gu meadhan nan 1800an chaidh mu 600,000 Gàidheal a fhuadachadh o na dachaidhean dùthchasach aca.

Anmoch ’s an 19 linn, chaidh a thuirmseachadh le pearsachan-eaglaise gu robh a’ Ghàidhlig aig 250,000 duine ann an Canada. Bha iad ri’m faighinn ann an caochladh roinntean, a’ toirt a-staigh Alba Nuadh, Eilean Eòin, An Gleann Chodroy ann an Eilean nan Trosg, Brunsuic Ùr, Bailtean an Ear an Cuibeac, Siorramachd Ghleanna Gàradh ann an Ontario, Siorramachd Bhrus ann an Ontario, Vancouver agus Winnipeg.

Tha an sgoilear Gàidhealach, Seonachan Dembling air chur an céill gu robh “a’ Ghàidhlig”, ’s an linn seo, “’na chànan an dà rìribh Canadianach”. Bha e ag cur ris a’ seo “gura b’e ’na chànan neo-oifigeil na bu mhotha aig àm a’ Cho-nasgaidh (1867)”, mar sin, air chùl na Beurla agus na Fraingis a-mhàin ann an àireamh do luchd-bruidhinn.

Air sàilleabh ’s gun deachaidh siostam foghluim a thoirt a-staigh is a’ Bheurla ’na deis-meadhan, o’n àm seo air adhart, chrìon a’ Ghàidhlig gu giar thar Chanada. ’S e a bhi a’ fanaid agus a’ magadh agus corra uair a bhi ri peanasachadh cuirp anns na sgoiltean poblacha aig an robh nàire na taoibh a-staigh a thaobh a bhi a’ bruidhinn na Gàidhlig, an toradh (Dunn, Seathach, Ceanadach, Niutanach). Gu h-éifeachdachd, rinn seo an gnothach air a bhi ag ionnsachadh a’ chànain bho ghlùin gu glùin. Thug beusan a’ chànain buaidh air eaconamaidhean ionadail agus rinn seo a’ mhórchuid dhe na pàrantan aig an robh a’ Ghàidhlig creidsinn gu robh na cothroman dh’an cuid cloinneadh crochte air fileantas ’s a’ Bheurla a dh’adhbharraich crìonadh eagalach cas ann an àireamh luchd-bruidhinn na Gàidhlig ’s an 20mh linn.

Na Gàidheil an Albainn Nuaidh

A dh’aindeoin na h-àrainneachd fhoghluim agus eaconamaich anns an robh na Gàidheil ri’m faighinn anns an 19mh agus an 20mh linn an Canada, anns an 21d, ’s e Alba Nuadh ’na roinn Chanadianach a-mhàin far an do mhair Gàidheil agus an cànan agus an cultur (Seathach, MacBhàtair, Niutanach): air an compàirteachadh ri chéile o ghinealach gu ginealach o linn nan tuineachaidhean Gàidhealach na bu tràithe.

Ann an 1773, ràinig a’ chiad buidheann do Ghàidheil á Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Albann, Acarsaid Phiogto, Alba Nuadh air an luing “Eachann”. Mhair linn an tuineachaidh Ghàidhealaich fad 85 bliadhna (1773-1855). Ré an linn seo, tha e air a thuairmseachadh gun do thuinich 50,000 Gàidheal air tìr-mór Albann Nuaidh an Ear agus ann an Eilean Cheap Breatainn.

Thuinich Gàidheil anns na siorramachdan Dùn Camulus an Ear, Piogto, Antaiginis, Guysborough a Tuath, Inbhir Nis, Richmond, Bhioctoria agus Ceap Breatainn.

Thuinich iad an Albainn Nuaidh a-measg nan teaghlaichean aca fhéin agus a-réir an creidimh.

’S e a’ Ghàidhlig ’na tùs dhan a’ Ghàidhlig a th’aig Gàidheil na h-Albann Nuaidhe agus tha e ’na bhall dhen mhiar Ghoidelic (Gàidhlig) dhe na cànanan Ceilteacha. Dh’fhàs a’ Ghàidhlig coltach ri Gàidhlig na h-Éireann agus ris a’ Mhanannais ás a’ Mheadhan-Ghàidhlig is ì a thàinig anuas air an t-seana Ghàidhlig.

Thar ghinealaichean, chuir Gàidheil na h-Albann Nuaidhe ri iomadachd agus tàlaidheachd chulturach na mór-roinneadh, gu sònraichte thro bhuaidh an cànain, naidheachdan, òrain, ciùil, danns’ agus cleachdainnean.

O linn an tuineachaidh, tha e air a thuairmseachadh gun deachaidh dà dhusan dualchainnt na Gàidhlig a thoirt a-staigh a dh’Albainn Nuaidh; mìltean do phuirt na pìobadh agus fìdhleadh a dhèanadh; gun do mhair ceumannan ionadail dhan dannsa, m.s. Màbu, Sanndraidh, Gleann Dail, gun deachaidh mìltean do dh’òrain – feadhainn air an toirt anuas o Albainn agus feadhainn air an dèanadh a’ seo – a chompàirteachadh; bha còrr 300 ainm àite do choimhearsnachd ann, chaidh mìltean do chleas-ainmean a chruthachadh agus eadar 1791-1902 chaidh dusan iris diofraichte ’s a’ Ghàidhlig a chur air chois.

Chaidh oidhirpean ionadail gus cànan a ghléidheadh agus a leasachadh air feadh an 20mh linn an Albainn Nuaidh a bhacadh air sàilleabh cion aithneachaidh oifigeile, dùnadh a-mach, planaigeadh neo-éifeachdach agus riarachadh ghoireasan, ’s e tuilleadh calla na Gàidhlig agus a cultuir an toradh.

An 20mh linn

Ann an 1920, chaidh ath-chuinge - ris an deach 5468 ainm neach a chur o chòrr is 230 coimhearsnachd air feadh Albann Nuaidh an Ear – a chur gu Pàrlamaid Bheag na h-Albann Nuaidhe ag iarraidh gun rachadh a’ Ghàidhlig a thoirt a-staigh ann an curriculum nan sgoiltean poblach ann an Albainn Nuaidh.

Ann an 1921, chuir Pàrlamaid Bheag na h-Albann Nuaidhe aonta ris a’ Ghàidhlig mar chuspair roghnachail anns na sgoiltean pobhlacha ann an Albainn Nuaidh.

Ann an 1939, ghairm Pàrlamaid Bheag na h-Albann Nuaidhe gus achdachadh cheumannan a chur air chois a dhèanadh cinnteach gum biodh teasgasg na Gàidhlig ann an sgoiltean na h-Albann Nuaidhe agus ì a sgrìobh ann an reachdas rùn a’ gairm air a bhi a’ sònrachadh neach-teasgaisg na Gàidhlig aig an Normal School, Truru.

Ann an 1950, chaidh dreuchd do Chomhairliche na Gàidhlige do Roinn an Fhoghluim a chruthachadh.

Ann an 1957, chaidh Roinn na Ceiltis aig Oilthigh NFX anns a’ Bhaile Mhór a chur air chois; chaidh cùrsaichean ’s a’ Ghàidhlig a thairgsinn do dh’oileanaich a bh’ann làn ùine mar phàirt dhen eòlas fo-cheumnach aca.

Ann an 1969, chaidh Comunn Gàidhlig Cheap Breatainn a chur air chois is e a bha a’ toirt taice na bu fharsuinge do ghléidheadh na Gàidhlig thar Eilean Cheap Breatainn gu sònraichte. Chaidh fiathachadh a thoirt do dh’fhileantaich ás Albainn a bhi a’ gluasad gu Ceap Breatainn. Air an sàilleabh, ’s e leasachaidhean air leth ann an teagasg na Gàidhlig ann am prógraman nan sgoiltean poblach an Siorramachd Inbhir Nis agus aig Oilthigh Cholaisde Cheap Breatainn an toradh.

Anns na 1960an, 70an agus 80an, ghluais luchd-ionnsachaidh agus dealasaichean na Gàidhlig o na Stàitean Aonaichte gu Eilean Cheap Breatainn agus Tìr Mór Albann Nuaidh na h-Earthuath. Bhuanaich feadhainn thro bhogadh ann an coimhearsnachdan Gàidhealacha agus an do dh’ionnsaich iad a’ Ghàidhlig. Na b’anmoiche, ghabh an fheadhainn seo uallach os làimh ann an dreuchdan ceannardais gus ionnsachadh agus tagair a chur air chois do chànan, chultur agus dh’aithne nan Gàidheal an Albainn Nuaidh.

Air feadh na 1980an agus 1990an, lean tuilleadh leasachaidh air le bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig aig Baile nan Gàidheal agus aig Colaisde na Gàidhlig agus le bhith a’ cur thachartasan coltach ri Féis an Eilein an gnìomh.

Ann an 1987, bha co-labhairt eadarnàiseanta ann aig OCCB a bha a’ cur cuideim air ‘Politics of Gaelic Cultural Maintenance’. ’S e a bhi ag eagrachadh dhealasaichean o ìre na coimhearsnachd thar an eilein gus Comhairle na Gàidhlig a chur air chois an toradh. Air a cur air chois ann an 1991, tha Comhaire na Gàidhlig, ’na comann neo-phrothaid, a’ cur roimhpe oidhirpean gus cànan, cultur agus dearbh-aithne nan Gàidheal a ghléidheadh agus a bhrosnachadh.

Ann an 1995, chaidh a’ Ghàidhlig a thoirt a-staigh ás ùr do dh’Achd an Fhoghluim ’s a’ Mhór-roinn leis a’ chumha gu rachadh a thoirt a-staigh do churriculum sgoileadh mar chànan dùthchasach/eòlas na h-eachdraidh ionadaile. Air chumha gu bheil an t-iarrtas o na sgoilearan agus goireasan-teagaisg ann.

Ann an 1997, chaidh aithisg Comhairle na Gàidhlig Gaelic in Nova Scotia: Opportunities a chur a-staigh gu Roinn an Fhoghluim. A-mach ás na h-ochd molaidhean, chaidh aon dhiubh, a bhith a’ cruthachadh curriculum dha na sgoiltean pobhlacha a ghabhail ris.

Chomharraich caochladh iomairtean agus aithisgean (m.s. Gaelic Nova Scotia: An Economic, Cultural, and Social Impact Study (2002), Developing and Preserving Gaelic in Nova Scotia (2004), Minority Language Renewal: Gaelic in Nova Scotia and Lessons from Abroad (2008) oidhirpean-tagraidh na coimhearsnachd. B’e an toradh a bhith a’ cur an gnìomh ceumannan a chaidh a dhèanadh leis a’ riaghaltas a dh’aithnich crìonadh a’ chànain agus gus a bhith a’ faighinn luchd-bruidhinn ionadail na Gàidhlig an sàs gus an t-sruth-crìonaidh seo stiùireadh airson a tilleadh.

Tha molaidhean o na h-aithisgean a tha seo a’ toirt a-staigh: cuideam air a bhith a’ leasachadh coimhearsnachd, foghlum a neartachadh, reachdachadh gus comharraidhean-rathaide agus irisean a chur air chois, agus a bhith a’ togail cheanglaichean eadar coimhearsnachd nan Gàidheal agus coimhearsnachdan eile an Albainn Nuaidh aig a bheil cànanan dùthchasach (Tùsanaich agus Acadianaich). Chaidh tuilleadh cheanglaichean iarraidh eadar Alba Nuadh agus Comhairle na Gàidhealtachd, Alba, agus chaidh ainm a chur ris a’ chiad chùmhnant, Am Meomhrachan Còrdaidh ann an 2002.

An 21mh linn

Ann an 2004, chaidh modh teasgaisg cànain air a bheil Total Immersion Plus (TIP) a th’aca a chur an aithne do choimhearsnachd nan Gàidheal an Albainn Nuaidh.

Tha am modh, Gàidhlig aig Baile, air a chur gu feum le feadhainn dhe na luchd-teagaisg an Albainn Nuaidh ’s a’ là an diugh stéidhichte air a’ mhodh TIP le tuilleadh chleachdaidhean as fhèarr agus rannsachaidh air togail cànain agus ’ga cur gu feum is e a’ toirt a-staigh iomraidhean culturach Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidhe.

’S an Dùdlachd 2006, chaidh Iomairtean na Gàidhlig a stéidheachadh. Roinn bheag an Riaghaltais Roinneil, aig a bheil an rùn gur e a’ Ghàidhlig, a cultur agus a dearbh-aithne ’nam bunaitean do dh’ùrachadh coimhearsnachd, spioradail agus eaconamaich. Bidh Iomairtean na Gàidhlig a’ cur an gnìomh cothraman fiosrachaidh, ag obair le compàirtichean agus a’ toirt ghoireasan agus chothroman airson a bhith a’ dol an sàs gus a’ Ghàidhlig agus a cultur ionnsachadh, a chompàirteachadh agus ’fhiachainn.

Bheir Iomairtean na Gàidhlig taic do agus làimhsichidh i na cothroman ionnsachaidh sòisealta dhan choimhearsnachd agus riaghaltas: seiseanan-ionnsachaidh na Gàidhlig agus fiosrachadh culturach do luchd-obrach an riaghaltais, bogaidhean ’s a’ chànan agus bùithtean-obrach do dh’fhiosrachadh culturach do bhuidheannan na coimhearsnachd, prógraman tàilleabheachd ann an cànan agus cultur do dh’inbhich agus dh’ògraidh agus a bhi ag adhartachadh na Gàidhlig agus a prógraman culturail le compàirtichean eagrachaidh agus stéidheachaidh ’s a’ choimhearsnachd Ghàidhealaich.

Ann an 2007, rinn Roinn na Còmhdhalach agus Ùrachadh an Fhriamhachiais poileasaidh do chomharraidhean-rathaide crìche a bheir taic do choimhearsnachdan a dhearbhas tùsan Gàidhealach. Cuide ris na h-ainmean oifigeil ’s a’ Bheurla, faodaidh na h-ainmean Gàidhlig a bhith air an cur air comharraidhean-rathaide crìche do choimhearsnachdan anns na siorramachdan Cumberland, Dùn Chamulus, Piogto, Antaiginis, Guysborough, Inbhir Nis, Bhioctoria, Richmond agus Ceap Breatainn.

Suas chon an là an diugh, chaidh mu 300 comharra-rathaide a chur suas air feadh a’ mhórchuid dhe na cèarnaidhean a tha seo. http://www.nagaidheil.ca/

Ann an 2015, bha 4149 Ùr-Albannach an sàs ann an prógraman Gàidhlig.

Bidh taic o Roinn an Fhoghluim a’ toirt a-staigh cùrsaichean na Gàidhlig agus Eòlas nan Gàidheal, le bhith a’ toirt maoinidh do 13 sgoiltean thar na mór-roinneadh le còrr is 1000 sgoilearan an sàs ann.

Tha trì oilthighean ann a tha a’ tairgsinn chùrsaichean iar-àrd-sgoile ann an cànan, cultur, dualchas agus eachdraidh nan Gàidheal.

A thuilleadh air ionnsachadh stéidheachdail agus cothroman ionnsachaidh eile ’s a’ mhór-roinn, tha trì stéidheachdan a tha a’ tairgsinn roghainn do phrógraman a bhrosnaicheas a’ Ghàidhlig agus a cultur aig an ìre ionadail.

Tha ceithir féisean móra ann a tha a’ tairgsinn chothroman ionnsachaidh ’s a’ Ghàidhlig agus ’s a cultur agus òrain, ceòl is dannsa air an àrd-ùrlar.

previous

                EN

Nova Scotia Archives — https://archives.novascotia.ca/gaelic/introduction/

Crown copyright © 2024, Province of Nova Scotia.